|
Colbh Gàidhlig 14
Tha mi air faighinn a-mach gu bheil am pàipear seo
dol a bhith fo smachd cuid eigin eile an ath mhìos, agus bidh mise a’
sgrìobhadh air cuspairean Gàidhealach, no cuspairean a’ bointinn ris a’
Ghàidhlig. Nach agamsa tha an raon farsainn! A’ mhìos seo, bidh mi
a-mach air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Mar a tha mi cinnteach gu
bheil fios agaibh fhuair Glaschu £2.75m bhon Riaghaltas airson àrdsgoil
Ghàidhlig a chur air bhonn Thàinig Pàdraig Peacock suas a dh’Inbhir
Narann a dh’innse na naidheachd do choinneamh Bòrd na Gàidhlig, agus
thuirt e gun robh e an dùil gum bitheadh an sgoil ùr na h- ìonad
nàiseanta a bharrachd air dìreach foghlam a thoirt seachad do chloinn a
bhios a’ frithealadh Bunsgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha mi a’ smaointinn
gum bi cha mhòr a h-uile neach ann an saoghal na Gàidhlig toilichte mar
a tha mi fhèin, agus chan ann a bhith doirbh a tha mi ag ràdh nach e seo
ach toiseach tòiseachaidh. Ma bhios sibh cleachdte ri sgoiltean agus
foghlam sgoiltean tha mi cinnteach gum bi sibh air thoiseach orm leis na
tha mi dol a ràdh, ach tha seachd ceud facal agam a sgrìobhadh is mar
sin obraibh còmhla rium!
Is iomadh duine a tha air ràdh rium gum bu chòir
àrdsgoiltean Ghàidhlig a bhith againn roimhe, agus barrachd dhiubh. Gu
dearbh tha e a’ deanamh cron air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nach
eil cothrom aig na sgoilearan anns na h-àrdsgoiltean cumail orra le
Gàidhlig gu ìre fhreagarrach. Fìor, ach tha tòrr obrach romhainn mus bi
àrdsgoiltean gu leòr ann. ‘S e an trioblaid ann an àrdsgoiltean gum bi
raon farsainn chuspairean ann, agus gu math tric bidh roghainn aig a’
chloinn dè ghabhas iad. Feumaidh iad beurla agus matamataic a chumail
orra gus am bi iad tron cheathramh bhliadhna, ach chan fheum iad mu
eisimpleir, eachdraidh a dheanamh. Faodaidh iad cruinn-eòlas no
nuadh-eòlas a dheanamh na àite. Faodaidh iad spòrs a dheanamh an àite
ciùil, fisics an àite ceimiceachd, agus mar sin air adhart. Fiù ‘s ann
an sgoil bheag tha roghainn de sheòrsa air choireigin ann. Chan eil
tidsearan ann le Gàidhlig airson a h-uile cuspair anns na h-aonadan
an-dràsta; agus chan urrainn dhut tidsear a chur ann an sgoil làn ùine
mura bi ach obair clas Gàidhlig ann.
Cuideachd, ged a tha iad bruidhinn an ceartuair air
leigeil le tidsearan bunsgoile tighinn a-steach do na h-àrdsgoiltean a
theagasg clann sa chiad agus darna bliadhna cha do thachair sin fhathast
agus ma gheibh an Scottish Secondary Teachers’ Association an rathad,
cha tachair gu bràth. ‘S e an trioblaid leis a’ phlana sin gum feum
tidsearan àrdsgoile co-dhiù dà bhliadhna a dheanamh anns na cuspairean
aca anns an oilthigh agus teisteanas anns a’ chuspair fhaighinn. Mar as
àbhaist cha bhi trèanadh don ìre sin aig tidsearan bungoile ann an aon
chuspair; bidh iadsan a’ còmhdachadh mòran chuspairean.
‘S dòcha gum bi sibh smaointinn gum bitheadh e
cuideachail don Ghàidhlig nam b’ urrainn do thidsear sam bith aig an
robh Gàidhlig a dhol a-staigh do àrdsgoil agus cuspair a thoirt seachad,
teisteanas ann no às. Gu ìre, bhitheadh. Ach cha rachadh aig an tidsear
sin sgoilearan a theagasg don Ire Choitcheann – chan bhitheamaid ach an
duilgheadas a chur dheth fad dà bhliadhna. B’ fheudar don sgoilear an
uairsin an cuspair a dheanamh tro mheadhan na Beurla, no a’ leigeil
seachad uile gu lèir. Chan eil mòran stuthan ann fhathast anns an
àrdsgoil cuideachd. Dè thachradh mura bitheadh cùrsa ann, no nam
bitheadh na leabhraichean a bha ann air an Ruis agus an sgoil a’ teagasg
na Gearmailt? Ma bhios sinn a-nis a’ bruidhinn air na leabhraichean
Beurla a chleachdadh tha ùine mhòr ann eadar-theangachadh a dheanamh,
duilleagan-obrach a chur air dòigh, deuchainnean a sgrìobhadh, agus mar
sin air adhart.
Gus am faigh sin tidsearan gu leòr tha e dol a bhith
doirbh adhartas a dheanamh anns na sgoiltean. Mar sin, tha fios agaibh
dè bu chòir dhuibh deanamh – ionnsaichibh a bhith nar tidsearan. Carson
nach eil mise nam cheann-suidhe? |