|
Colbh Gàidhlig 15
Poileataics a’ mhìos seo a charaidean. Bha mi ann an
Glaschu aig an STUC Congress sa Ghiblean (thuirt mi gun robh seo air
poileataics – cha tuirt mi idir gun robh e ùr!) agus dh’fhàs mi
fiadhaich sgìth de na h-aoighean. Saoil dè a’ Ghàidhlig as fheàrr son
‘Love-in with the Labour Party’?
Diluain dh’èist mi air dubh èiginn ri boireannach ag
innse dhuinn cho cudthromach ‘s a bha e gun rachamaid a-mach aig na
taghaidhean Eòrpach gus am Partaidh Laborach a chur a-steach. A rèir na
thuirt ise, chan eil roghainn eile ann. Tha na Nàiseantaich cho
mealltach nach creideamaid e, daonnan a’ leum air bandwagon sam bith a
thig an rathad, gun ònar, gun fhìrinn, gun stiùir, gun – och uill, bidh
sibh faighinn an dealbha. Fhuair mi a-mach cuideachd nach eil ach aon
rud a’ seasamh eadar am BNP agus ceansachadh an t-saoghail, agus mar a
tha mi cinnteach gun do thomhais sibh, ‘s e sin am Partaidh Laborach.
Tuigidh sibh gun robh mi air bioran an ath latha
feitheamh ri Jack McConnell. Fhuair mi gliocas do-chreidsinneach Diluain
– dè gheibhinn Dimàirt? Is nas fheàrr buileach, b’ urrainn dhomh a bhith
socair èisteachd ris. Cha robh Diluain cho math dhomh. Nochd mi ann an
Glaschu Oidhche Dhòmhnaich a’ coimhead air adhart ri dà latha a’ suidhe
air mo thòin agus cuideigin eile deanamh biadh dhomh, a’ glanadh an
t-seòmair agam, agus gam thoirt don SECC ann an tacsaidhean. Rugadh mise
a bhith nam bhean-uasal, a charaidean, ach chan ann mar sin a bhitheas e
dhomh. Choisich mi a-staigh do sheòmar-bìdh an taigh-òsta air an oidhche
cho sona ‘s a ghabhas, gus an tuirt ceannard ar buidhne rium ‘Dè tha
thusa dol a bhruidhinn air, PFI no prìosanaich?’ ‘Bruidhinn air?’ arsa
mise. ‘Ann an dè ‘n seagh?’ ‘Anns an SECC a-màireach,’ fhreagair esan.
‘Carson a tha thu a’ smaointinn gu bheil thu an-seo?’ ‘A chionn ‘s gu
bheil mi ag iarraidh dà latha ann an taigh-òsta,’ arsa mise. Ach sin na
fireannaich. Mì-reusanta.
Co-dhiù, fhuair mi an òraid agam seachad agus bha sin
a’ ciallachadh gum b’ urrainn dhomh geall a chur air an aodach a
bhitheadh air Jack. An tigeadh e ann am briogais, no san sgiorta ghlais
a sheall e don t-saoghal air Latha a’ Bhreacain? O an nàire, a
charaidean! Bhitheadh coltas gu math faoin air boireannach anns an rud
sin, ach fireannach? Agus nach robh e a’ call ciall an latha? Nach robh
am facal ‘breacan’ a’ toirt seachad seòrsa stiùir? Ach nuair a thàinig
am balach bha briogais air. Ceart cho math, a chionn ‘s gun robh na
mnathanaltram sgoiltean àraich taobh a-muigh an talla a’ feitheamh ris.
Nuair a dh’fhalbh esan a-staigh, thàinig iadsan a-staigh cuideachd. Agus
a bheil fios agaibh air seo, cha robh iad idir toilichte leis? Thòisich
am balach a’ bruidhinn air na rudan a tha an riaghaltas aige air
deanamh. ‘S dòcha gun robh e fortanach gun robh na mnathanaltram ann.
Bha deich mionaidean aige a lìonadh agus is cinnteach nach gabhadh ‘I
just refer everything to London’ fada. Chuir an cathraiche stad air
rudan agus dh’iarr e oirnn a bhith sàmhach gus cothrom a thoirt do Jack
a bhruidhinn, ged a bhitheadh an ùpraid coltach ris na seann lathaichean
dha – cha mhòr nach faca mi an Discipline Referral Forms tighinn a-mach.
Gu nàdurra dh’innis Jack dhuinn gun robh foghlam agus slàinte
cudthromach. Tha sin ceart gu leòr ma tà, nach eil? Bha dragh orm gun
robh foghlam a’ tuiteam as a chèile leis na bhitheas mise faicinn anns
na sgoiltean, ach tha am balach ag ràdh gu bheil a h-uile rud
mìorbhaileach. Thuirt e cuideachd, ‘It’s my responsibility to make
decisions for Scotland.’ Saoil cuin a tha e dol a thòiseachadh?
Tha e gu math doirbh a bhith ag èisteachd ri
craobh-sgaoileadh bhon Phartaidh Laborach aig àm sam bith, ach chan eil
e idir ceart gum bi sin air fad ‘s gheibh thu aig an STUC. Chan urrainn
do neach sam bith ag ràdh gu bheil na seann cheanglaichean fhathast ann,
agus san là an-diugh bu chòir partaidhean eile a bhith ann cuideachd.
Thuirt mi roimhe e ach gabhadh e ràdh a-rithist, ‘Vote for me’. |