|
Colbh 14
Uill – tuathanasan-èisg, eh? Nuair a thòisich iad sa
chiad dol-a-mach b’ e manna à neàmh a bh’ annta. Ma bhios aon rud ann
nach bi idir gann anns a’ Ghàidhealtachd, ’s e sin uisge. Chunnaic ma
dealbh Uibhist a Tuath air a thogail bhon adhar. Cò thubhairt gum b’ e
‘lochs bounded by strips of land’ a bh’ ann? Bha i no e ceart, agus is
cinnteach gu bheil àitean eile mar sin air feadh na dùthcha. Ann an
sgìrean far nach bi mòran cothrom obrach ann b’ àbhaist do
tuathanasan-èisg adhbhar a thoirt do dh’òigridh a dh’fhuireach –
fireannaich gu h-àraid. Cha mhair rud sam bith cia-tà, agus tha iomadh
buille air tighinn air a’ ghnìomhachas.
Cha d’ rinn rannsachadh anns na Stàitean Aonaichte
mòran feum nuair a thubhairt iad gun robh bradain Albannaich làn
puinnsein, agus cunnartach do shlàinte neach sam bith a ghabh barrachd
na trì cuid sa bhliadhna. Chan e sin an seòrsa sanais a bhios sinn a’
sireadh, an e? Chaidh iad air ais air na thubhairt iad, ach bha an cron
deante.
Cuideachd, tha gearanan air a bhith ann bho
bhuidhnean mar Friends of the Earth, a chionn ‘s gum bi biadh bho na
tuathasan a’ tuiteam san uisge far am faigh bradain fhiadhaich e. A
bharrachd air sin bidh duilgheadasan ann nuair a gheibh bradan air falbh
bho na cèidsichean. An uairsin bidh e a’ truailleadh nam bradam
fiadhaich, agus cha bhi iad cho blasta no cho torrach.
O na lathaichean a thòisich tuathanasan-èisg tha
crìonadh air tighinn. Chaidh fireannaich a chur as an dreuchd anns an
Innse Ghall, agus chunnaic mi gun robh àite dol a dhùnadh ann an
Sealltainn. Le obair an ola air dhol sìos cuideachd, chan eil rudan a’
coimhead dòchasach idir. Saoil a bheil gnìomhachas ann a bhios
soirbheachail anns a’ Ghàidhealtachd no na h-Eileanan Tuath?
Gliocas gu leòr son aon mhìos a charaidean.
A-nis tuilleadh air a’ chuspair air an robh mi
bruidhinn a’ mhìos seo chaidh. Thubhairt mi gum bruidhninn air crochadh
son daoine a chuireas dragh orm. Uill fhuair mi post-dealain ag ràdh gum
bu chòir dhomh crochadh a thoirt air ais son daoine a leigeas sgudal.
Sin thu fhèin a bhalaich! Feumaidh mi aontachadh ri sin. Rabhadh an
dèidh na ciad uarach, ‘s dòcha le rud beag breabaidh an cois, agus an
uairsin bàs. Nuair a bhios mise nam cheann-suidhe ‘s e sin an darna rud
a nì mi. ‘S ann a’ dol a-mach a dh’Ile agus deoch a ghabhail anns a
h-uile taigh-stàile a’ chiad rud. Mar a tha fios agaibh, chan ann idir
gun toigh leam uisge-beatha (uill ok, ‘s ann); ach gum feum mi taic a
thoirt do ghnìomhachas an eilein agam.
Bha mi smaointinn air rud no dhà eile a chuireas mi
air a’ chlàr-bàis. Dè mu dheidhinn daoine a dh’fhàgas càr air dà shreath
bhuidhe ann an àite cunnartach o chionn ‘s gu bheil iad dìreach a’ dol
don bhùth? No nas miosa buileach, a’ togail pàiste? Cleachd pàirc nan
càraichean! Sin an t-adhbhar a tha iad ann. Agus dè mu dheidhinn na
daoine a dhraibheas sìos an t-sràid a’ lorg àite pàircidh, a’ dol aig
astar deich mìle san uair gun sùil a thoirt san sgathan agus a stadas
gun rabhadh sam bith ann am meadhan na sràide? Tha mi den bheachd
cuideachd gum bu chòir peanasachadh de seòrsa air choireigin a bhith ann
do dhaoine a chuireas tòrr dhèideag air an sgeilp aig cùl a’ chàir. ‘S
dòcha nach eil iad airidh air crochadh, ach ‘s e smuain a th’ ann.
Molaidhean air cairtean-puist a charaidean.
Bidh seo sa phàipear aig àm na Càisge. Mar sin, ‘s
dòcha gum bu chòir dhomh rud eigin a ràdh air creideamh. Air an làimh
eile, cò dh’èisteadh rium? Agus chan eil stuth a’ tighinn nam cheann
co-dhiù. Tha mi’ n dòchas gum faigh sibh uile uighean seocalaid gus an
tig iad as bhur cluasan. Bruidhnidh ruibh an ath mhìos. |