|
Colbh
Gàidhlig 13
Nach eil e
neònach mar a bhitheas ùine a’ dol? Tha mi cinnteach gum b’ e dìreach
an-dè a bha mi toilichte gun do chuir mi crìoch air mo cholbh agus gun
do chuir mi air falbh e. Tha fhios agaibh dè tha mi a’ ciallachadh, nach
eil? An fhaireachdainn mhath sin a gheibh sibh nuair a bhios rud eigin
deante agus bidh saorsa air faire? Uill a charaidean, cha do mhair i
fada. Saoil dè thachair don mhìos? Feumaidh seo bhith a-staigh
a-màireach agus chan eil sian a dh’fhios agam dè tha mi dol a ràdh.
Co-dhiù, na
gabhaibh dragh, smaoinichidh mi air rud eigin. Ball-coise. Carson nach
eil mise faighinn cothrom a chluich san sgioba nàiseanta? B’ urrainn
dhomh a bhith ceart cho dona ‘s a tha iad. Agus rugbaidh – chan eil fios
agam ciamar a chluicheas tu, ach air an làimh eile chan eil fios aig ar
sgioba nas mò. Leugh mi carson a tha sinn cho truagh. Gu fortanach, tha
mi a’ dol a dh’innse dhuibh. (Am b’e sin ‘Haud mi back’ a chuala mi?)
Seo e – na tidsearan. Tha ar n-òigridh mi-fhallain agus chan e coire
neach sam bith a th’ ann ach na tidsearan. ‘S e àm math a th’ ann a
bhith nad phàrant – faodaidh tu a h-uile rud a chur air na sgoiltean.
Tha Pontius Pilate beò, gu math, agus na phàrant ann an Alba.
Biadh an
toiseach. Am faca sibh dè dh’itheas òigridh, agus dè cho tric? Anns an
sgìre far a bheil mise bidh bhanaichean a’ tighinn don sgoil aig leth
uair an dèidh ochd sa mhadainn airson burgers agus sliseagan a reic.
Bidh clann a’ coiseachd ann an trannsaichean na sgoile ag ithe brisgein
agus ag òl Irn Bru mar bhracaist. Aig àm dinnearach bidh na bhanaichean
air ais, agus bidh bùthan air an t-sràid àird a’ reic isbeanan, burgers,
agus – gu nàdurra – sliseagan, ann an ròlaichean anns am bi cnapan mòr
margerine. Bidh an cafaidh a’ deanamh ‘School Special’ – sliseagan,
marag dhubh agus a leithid. Tha clann ann nach faic glasraich sam bith
ach sliseagan agus rud beag tomàta air mullach burger. O chionn ghoirid
san sgoil stad iad Coke is rudan mar sin a reic; agus chuir iad bainne
nan àite. ‘S e cuideachadh a th’ ann, ach sin air fad. Ma bhios clann ag
iarraidh biadh mi-fhallain tha airgead aca agus tha àitean gu leòr ann
far an ceannaich iad e. Dè ghabhas deanamh? Uill cha chuir e iongnadh
oirbh gum feum na sgoiltean an t-uallach a ghabhail. An-diugh chan eil e
gu diofar dè ‘n trioblaid a th’ againn – feumaidh na sgoiltean ga cur
ceart. Taobh a-staigh nas bige na 28 uairean an uaireadair san
t-seachdain, thèid aig na tidsearan a h-uile cron anns an t-saoghal a
cheartachadh. Miorbhaileach, eh? Chan eil uallach sam bith air na
pàrantan, no air a’ chloinn fhèin, no neach sam bith eile. Chan eil e gu
diofar nach eil smachd sam bith aig na tidsearan air na bhanaichean no
na bùthan, agus chan eil e gu diofar nach urrainn dhaibh a’ chlann a
chumail anns na sgoiltean tron latha. Nì iad an gnothach le . . . uill,
le dè?
Rud eile a
bhitheas a’ toirt air daoine na tidsearan a chàineadh – spòrs. Mura
bitheadh na tidsearan air stailc còrr is deich bliadhna air fhichead air
ais, bhitheadh barrachd chlubaichean spòrs ann, bhitheamaid nas
fhallaine, agus bhitheamaid nas fheàrr air ball-coise. O aidh?
A-rithist, chan eil uallach sam bith air pàrantan a leigeas le cloinn
nan laighe mun cuairt fad an latha, agus a chleachdas Armoured Personnel
Carrier a dhraibheadh 500 miotar sìos an rathad don sgoil – na
toisichibh mi air a’ cheist ‘carson a tha feum agad air bull bars ann am
meadhan baile?’. Falbhaibh seachad air bunsgoil sa mhadainn agus bidh an
rathad cha mhòr bristeadh as a chèile le cudthrom thancaichean mhòra a
leigeil aon phàiste beag dheth. Mar as bige am pàiste, ‘s ann as motha
an càr.
An
ath-mhìos tha mi smaointinn gun tòisich mi le ‘An t-adhbhar a dh’fheumas
sinn crochadh a thoirt air ais airson sgudal a leigeil anns na
sràidean’. Gus an t-àm sin, ma-tà. |