|
Colbh Gàidhlig
Fàilte oirbh air ais. Ciamar a bha an sneachd?
Feumaidh mi ràdh nach robh e idir dona far a
bheil mise. Theirinn gu bheil i fiadhaich blàth son an àm den bhliadhna,
ged a tha latha no dhà ann a bhitheadh toirt nar cuimhne gur e geamhradh
a th’ann fhathast. Chan eil teagamh sam bith agam gu bheil an saoghal a’
fàs nas blàithe, agus ged a bhios e èibhinn a’ magadh air na Sasannaich
(ha ha, tha bhur dùthaich dol a bhith fon fhairge) chan e deagh
naidheachd a bhios ann dhuinne nas motha. ‘S e a’ cheist – an e rud
eigin a bhios sinne a’ deanamh as coireach? Is cinnteach gu bheil Seòras
W. Bush a’ cumail a-mach nach e. Ach chum esan a-mach gun robh beanntan
mòra WMD ann an Iraq.
Co-dhiù, chan ann air sin a bhios mi a-mach a’ mhìos
seo. Bha mi leughadh an Scotland on Sunday agus chunnaic mi pìos a
sgrìobh Murchadh MacLeòid air ceòl. Tha fios agam dè tha sibh a’
smaointinn – leisgeul sam bith a bhith toirt Runrig air ais don cholbh –
ach tha sibh ceàrr an uair seo. B’ ann air còmhlan Gàidhlig punk a bha e
a-mach. A-reir coltais thòisich buidheann anns na Stàitean Aonaichte ris
an canar ‘Mill a h-uile rud’. Aidh, dìreach sin a bhalachaibh. Chuala mi
air Rèidio nan Gàidheal gun robh còmhlan rock ann, ach punk? Ceart gu
leòr bha mise rud beag sean son punk, ach cuiridh e ìongnadh orm gu
bràth gun do dh’èist daoine ri balaich mholach à Lunnainn a’ seinn
‘Wo-king on the bye-chiz, louking at the pye-chiz’. Saoil cò ris a bhios
sgudal mar sin coltach ann an Gàidhlig?
Air an làimh eile, feumaidh ceòl ùr a bhith ann no
bidh Gàidhlig marbh. Cha bhi againn gu bràth ach ceòl a’ Mhòid, agus ged
nach eil mi idir ag iarraidh a chur sìos air sin cha rachadh aig neach
sam bith a ràdh gun robh e ùr no fiadhaich innleachdach. Nuair a bha
mise san sgoil bha mi ann an còisir na sgoile – creid e no nach creid! –
agus rinn sinn ‘A’ Chuthag’. Còig bliadhna air fhichead an dèidh sin bha
còisir òg a’ bhaile a’ deanamh ‘A’ Chuthag’. A’ coimhead air ais ann an
leabhraichean a bha aig piuthar mo sheanar dè chunnaic mi ach ‘A’
Chuthag’. Creidibh e, cha robh e cho math sin a’ chiad uair. Bidh sinn
a’ faighinn ‘Griogal Crìdhe’ ann an sia pàirtean ged is e òran do aon
bhoireannach a th’ ann; port-a-beul le daoine tighinn a-mach ‘s a-steach
le pìosan beaga fhad’s a bhios daoine eile a’ gabhail a’ phuirt; agus
tàlaidhean cho briste gun cuireadh iad eagal air leanabh. Tha mi
cinnteach gu bheil e math san dòigh aige fhèin agus uaireannan bidh e a’
còrdadh rium, ach bidh e rud beag fada air falbh bhon dòigh anns an robh
e sgrìobhte. Cuideachd chan eil an seòrsa rud sin ùr, dìreach air
ath-chuartachadh. Bidh punk nas ùire gun teagamh, ach chan eil an aon
chumhachd aig ‘Iain Grod’ ‘s a bha ‘Johnny Rotten’, a bheil? Ach cò aig
a bheil fios? Le blas Aimeirigeanach dh’fhaodadh e a bhith gu math
inntinneach.
B’ e rock a chòrd rium daonnan. A bheil cuimhne
agaibh air Black Sabbath, Deep Purple, Led Zeppelin, The Doors, agus
Thin Lizzy? Fhuair sibh ceòl son bhur n-airgead aig an àm sin cuideachd
- mhar ‘Riders on the Storm’ fad seachd mionaidean, agus cha robh
‘Stairway to Heaven’ goirid. Gus an d’fhuair Rolf Harris grèim air
co-dhiù. Bha seinneadairean eile mar Leonard Cohen gu math aimneil aig
an àm. Ceòl leis an cuireadh tu às dhut fèin a charaidean. Chan eil
facal Gàidhlig ann airson ‘exciting’ – carson a bhitheadh? – agus chan
eil mi creidsinn gu bheil facal aig na Iudaich airson ‘sona’ –
a-rithist, carson a bhitheadh?
Tha mi’n dòchas gum bi na còmhlain ùra soirbheachail,
agus gun tig daoine eile as an dèidh. Ma bhios feum sam bith aca air
seinneadair . . . nì iad nas fheàrr as m’ aonais. Mus tèid mi, b’ e
droch naidheachd a bh’ ann mu Rikki Fulton. Cò bheir abairtean dhomh
a-nis? |