|
Colbh Gàidhlig 8
Nuair a bha mi bruidhinn
ri Pàdraig, a mhìos seo chaidh, (‘s e sin Peter Peacock, Ministear ùr na
Gàidhlig) thuirt mi ris ‘Pete, a bhalaich, tha mi dol a dh’innse dhut dè
nì thu a thaobh na Gàidhlig, agus mar sin, nuair a thig an t-ar-a-mach,
agus an fhuil a’sruthadh anns na sràidean, bidh thusa air do shabhaladh
bhon chasgairt eagalaich.’ Uill ok, cha tuirt mi stuth ris, ach leugh mi
ann an àite air chor eigin gun bu chòir dhomh deanamh cinnteach gu bheil
fosgladh agam san sgrìobhadh a ghlacas aire, agus chleachd cuid eigin
eile ‘Hell, said the duchess’. Ach tha rud beag fìrinne ann na thuirt
mi. Bha mi san aon t-seòmar ‘s a bha Peter Peacock nuair a bha esan aig
Còmhdhail Comunn na Gàidhlig, agus bha e bruidhinn air na tha e dol a
dheanamh air son ìre na Gàidhlig a thogail ann am beatha phoblaich na
dùthcha. A-rèir na thuirt esan bidh Bile Ghàidhlig againn ron Mhòd am
bliadhna a bheir dhuinn Inbhe Thèarainte, agus chan ann a-mhàin anns a’
Ghàidhealtachd. Rinn neach aig a’ choinneimh gu math soillier e nach
gabhamaid idir ri ‘Indian Reservations’de Ghàidhlig. Cumaibh bhur
sùilean fosgailte a charaidean.
Bha a’ Chòmhdhail gu math
inntinneach ann an dòighean eile cuideachd. Bha buill Bòrd na Gàidhlig
ann, agus thug Donnchadh MacFheargais (cò fo Shealbh thàinig a-mach le ‘Feargasdan’?
) seachad òraid air an t-slighe air adhart mar a tha esan ga faicinn. B’
e rud beag bristeadh-dùil a bh’ ann dhomhsa nach tuirt e aig àm sam bith
gum bu chòir uisge-beatha Ileach a bhith air a thoirt seachad saor an
asgaidh do neach sam bith às an eilean a bha san talla, ach air an làimh
eile cha bhitheadh e air son trioblaid a dheanamh leis na Sgitheanaich
agus daoine mar sin, a tha smaointinn gu bheil an t-uisge-beatha aca
ceart cho math. Co-dhiù, a dh’fhàgail sin don darna taobh mionaid no dhà,
bha e fuaimneachadh gu math dòchasach mu staid na Gàidhlig san àm ri
teachd. Feumaidh sin a bhith math. Tha mi seach searbh sgìth èisteachd
ris na daoine aoibhneach a bhios nan suidhe mun cuairt ag ràdh nach
obair rud sam bith, agus bhiodh e ceart cho math oidhirp sam bith a
dhiochuimhneachadh – a là Private Fraser anns a’ phrògram ‘Dad’s Army’ a
b’ àbhaist a ràdh ‘We’re doomed, we’re doomed.’ fad na h-ùine. Cha mhòr
nach eil an teachdaireachd sin cho sona ‘s a tha an naidheachd a bhios
tighinn a-mach bhon companaidh àrachais agam – ach bidh iadsan ag ràdh
‘We’re skint, we’re skint.’
Chuala sinn cuideachd bho
Chuimreach, Meirion Prys Jones, a tha na cheannard air Bòrd na Cuimris.
Aite inntinneach, A’ Chuimrigh, a-rèir coltais. Feumaidh mi dol ann aon
latha. Bha Eireannaich ann bho thuath agus deas, agus iomadh duine eile
bho raon de bhuidhnean. Nach eil e math fhaighinn a-mach dè tha tachairt
ann an àitean eile mun cuairt oirnn, agus sealladh eile fhaighinn air ar
cùis-sa? Cha bhitheadh e idir cho math sealladh fhaighinn air ar sgioba
ball-coise, ach ‘s e sgeul eile a tha sin.
Mar a tha mi ceart
cinnteach gu bheil fios agaibh, bha na h-àireamhan bho Chunntas-sluaigh
2001 air am foillseachadh a chionn goirid, agus rinn an t-Ollamh
Coinneach MacFhionghain rud beag mìneachaidh air dè bha iad a’
ciallachadh. Ged a bha iad truagh, chan urrainn dhuinn gar mealladh fèin.
Air an làimh eile bidh e ag obair do George W. Bush, agus faicibh far a
bheil esan an-diugh. . .
Chan eil mòran eile agam
a ràdh mun Chòmhdhail, ach na gabhaidh dragh, cha chuir sin stad orm
bruidhinn. Nis, bidh mi daonnan ag ràdh aig an àm seo gum bi rud eigin
inntinneach agam dhuibh an ath mhìos. ‘S dòcha gum bu chòir dhomh
mìneachadh gu bheil e inntinneach dhomhsa – ach, a chionn ‘s gu bheil
sinn san là an-diugh gu math làidir air measadh agus mar sin air adhart,
tha mi airson innse dhuibh gun d’ rinn mi measadh orm fèin. Bha e
mionaideach, fada agus cruaidh; thug mi sùil gheur air a h-uile rud a nì
mi; agus aig a’ cheann thall ràinig mi co-dhùnadh. Don deamhan leis.
Fàgaidh mi sibh leis an smuain sin agus bruidhnidh riubh a-rithist an
ath mhìos. |