|
Colbh Gàidhlig
Fàilte! Tha mi air ais a-rithist
le rud eigin eile a thog fearg nam chridhe. Och cha bhi e a’ toirt mòran,
feumaidh mi aideachadh. Chan eil mi dol a bhruidhinn idir air na
trioblaidean anns a’ Phàrataidh Nàiseanta, ach dìreach a ràdh nach eil
mise trang an ceartuair ma bhios sibh a’ lorg cuid eigin. . .
Cha chuir e ìongnadh sam
bith oirbh gun robh mi cho feargach ‘s a ghabhas nuair a thàinig e
a-mach gun do dhiùlt neach-clàraidh airson a’ Phluic ainm leanaibh a
chlàradh ann an Gàidhlig. Tha e math a bhith cùmhachdach, nach eil? A
bhith comasach air a ràdh ri daoine ‘Naw son, you cannae dae that here,
agus ‘s e riaghailtean agam a tha cùnntadh, a chionn ‘s gur ann agamsa a
tha an leabhar. Cuir sin nad phìob agus smoc e!’ Saoil an sgrìobh am
fear sin leabhar as dèidh seo – sgeul a bheatha, leis an ainm ‘My battle
to uphold English’?
Ach, a bhith ceart ma
dheidhinn, cha bu chòir dhuinn a bhith ro chruaidh air an duine bhochd a
rinn an co-dhùnadh ‘s a’ chiad dol a-mach. Tha Gàidhlig air a bhith air
a cumail sìos tro na linntean, gun àite oifigeach agus gun mheas. Mura
bi mòran ùidh agaibh sa chuspair, chan eil e coltach gum bitheadh eòlas
agaibh air na ceumannan air adhart a tha Gàidhlig air a gabhail; agus b’
ann tro mheadhan na Beurla a bha rudan deante on a thòisich clàradh.
Smaoinichibh air na h-ainmean a chì sibh sgrìobhte ann an iomadh diofar
dòigh – MacAulay no MacAuley? MacNeill no MacNeil ( no McNeil)?
MacEachern, MacEacharn, MacEachren, MacEachran – agus mar sin air adhart.
Gheibh sinn an aon seòrsa rud le ainmean baistidh – Ishbell, Ishbel,
Isabel, no dè? Thàinig tòrr de na litreachaidhean sin a-steach o
chionn’s nach clàradh luchd-clàraidh duine beò ann an Gàidhlig, agus
mura bitheadh an comas aig an athair a sgrìobhadh ann am Beurla,
chuireadh an neach-clàraidh rud sam bith a shaoil e fèin. Fhuair sinn
cuideachd litreachadh mar ‘Sheena, Hamish, Ailie,’ agus mar sin, nuair a
bha na Gàidheil fèin smaointinn nach robh Gàidhlig freagarrach airson
rudan oifigeach. Bha mise san sgoil le balaich air an robh ainmean
Gàidhlig mar Iomhar agus Niall Iain, ach b’ e Edward agus Neil a bha
sgrìobhte air an teisteanas-clàraidh.
Smaoinichibh cuideachd
air na sgrìobhas daoine air clachan anns a’ chladh. Cia mheud facal
Gàidhlig a gheibh sibh? ‘S dòcha gum faigh sibh ‘Gus am bris an là’
sgrìobhte aig a’ bhonn, ach cuiridh mi gealladh nach faigh sibh a
bharrachd mar as trice. Chunnaic mi facal no dhà eile gu tuath, ach ann
an Ile tha mi cha mhòr cinnteach nach faigh sibh ach sin, agus bidh a h-uile
rud eile sgrìobhte ann am Beurla. Dh’fhaodadh tu dol tro do bheatha le
‘Mairead’ ort, ach nuair a thig crìoch do là thèid thu fon ùir mar
‘Margaret’.
B’ ann mar sin a bha e,
agus chan atharraich e mura bi sinne deònach air an uallach a ghabhail.
Tha mi toilichte nach do ghabh Austin Boyle ris an co-dhùnadh le no as
aonais rud beag gruaim , ach gun do chum e air gus an d’fhuair e an rud
a bha e ag iarraidh. ‘S e sin an teachdaireachd a tha mise creidsinn gum
bu chòir dhuinn gabhail bhon sgeulachd seo. Chan ann idir gu bheil
daoine ann nach bi den bheachd gu bheil àite aig a’ Ghàidhlig; ‘s ann
gun dean sinn adhartas ma chumas sinn oirnn. Nach do sgrìobh Aesop
sgeulachd air a’ chuspair seo? Agus tha cuimhne agam nuair a bha mi nam
phoileas gun robh rud eigin coltach ris ann am Beurla – ‘If at first you
don’t succeed, use the boot and then the heid.’
As dèidh don naidheachd a
bhriseadh, thàinig duine no dithis riumsa ag ràdh nach robh fios aca gun
robh a leithid seo a tachairt fhathast. B’ e deagh chothrom a bhith
a-mach air a h-uile dìmeas agus buille a chaidh a dheanamh air ar cainnt,
agus bha tuigse nas fheàrr aca nuair a bha mi criochnaichte (agus na
paramedics an lathair. Uill ciamar a bha fios agam gum biodh mo
luchd-èisteachd a’ call am miann a bhith beò?). Ann am faclan Ghlaschu –
nae stamina. |