Colbh 6
Jings, crivvens agus cuideachd leam a
Rob. Thuirt mi nuair a thòisich mi air sgrìobhadh airson a’ phàipeir seo
nach robh mi dol a bhith a-mach air gnothaichean domhainn poiliticeach,
ach jings! Dè thachair? Saoil an deanadh e diofar do shluagh na dùthcha
nan laigheadh Iain Swinney air leabaidh-grèine? Chan urrainn dhomh
adhbhar eile fhaicinn airson cho math ‘s a rinn Tommy Sheridan. ‘S e
call a th’ ann do shaoghal na Gàidhlig gun robh Mìchael Russell air a
chur a-mach, ach tàing do Shealbh gun d’fhuair cuid eigin taiceil eile
a-steach, le Seòras Reid. Thig ar là!
Co-dhiù, tha mi ceart cinnteach gum bi
gu lèor ann air cuspair an taghaidh, agus mar sin cha leig mise leas
barrachd a chur ris. Ma bhios sibh leughadh seo tha e coltach nach robh
sibhse air bhur dòigh nuair a thàinig e a-mach gun do chaill am pàrtaidh
cathraichean, is mar sin tha mi smaointinn gum bu chòir dhomh rud eigin
nas dòchasaiche a ràdh.
Thàinig fiosrachadh thugam o chionn
seachdain no dhà mu Eilean Mhanainn, agus an oidhirp tha iadsan a’
deanamh gus an cànan aca a bhrosnachadh. Tha riaghaltas an eilein air
taic a thoirt do Mhanannais sa phlana a rinn iad airson 2003 – 2006.
Cuideachd, tha barrachd luchd-ghnìomhachais deònach air faclan a
chleachdadh; a rèir coltais bidh iad a’ faicinn seo mar dhòigh ìomhaigh
an eilein a thogail. Mar a tha mi cinnteach gu bheil fios agaibh, ‘s e
cainnt cosmhail ri Gàidhlig agus Gaeilige a th’ ann – no Goedelic
Celtic. Ma bhios sibh eòlach air an leabhar ‘Dealbh agus Facal’ a tha a-nis
à clò, dh’aithneachadh sibh an aon leabhar ann an cànan Eilean Mhanainn.
Tha cuid de na faclan a ghabhas leughadh agus tuigsinn a chionn ‘s gu
bheil iad cho coltach ri Gàidhlig, ged a tha iad sgrìobhte ann an dòigh
caran Beurla. Tha e fìor mhath a bhith faicinn cànan Ceilteach a bha cha
mhòr à bith a’ tighinn air ais. Tha làrach-lìn aig an eilean agus ma
bhios ùidh agaibh carson nach gabh sibh sùil? Siuthadaibh, tha e fada
nas fheàrr na coimhead air dè thachair anns an taghadh. Tha e air
www.iomonline.co.im
Fhad’s a bhios mi bruidhinn air
dùthchannan Ceilteach, am faca sibh mar a chaidh do Plaid Cymru? Cha
d’rinn iadsan gu math nas mò, ach chan eil fios agam carson. Bha tè air
an telebhisean ag ràdh gun robh e a chionn ‘s nach robh daoine aig nach
robh Cuimris ag iarraidh a bhith nan ‘Second Class Citizens’. Uill , a
chaileag, ionnsaich Cuimris! Iachydd da! - no rud eigin mar sin. Cmyru
am bith cuideachd.
Bhitheadh e inntinneach cia-tà
fhaighinn a-mach dè as coireach nach deach gu math le Plaid. ‘S dòcha
gum bi leasan ann do na nàiseantaich. ‘S dòcha molaidhean nas fheàrr na
a bhith toirt air Iain Swinney a laighe air
leabaidh-grèine, cò aig a bheil fios?
Ach cha robh mi dol a bhruidhinn air an taghadh. Rud beag coltach ri
John Cleese, agus ‘Na bruidhinn air a’ Chogadh’.
As bith dè thachair, feumaidh sinn
coimhead air adhart air dè thachras a-nis. Tha mi cluinntinn gum bi Bile
Ghàidhlig ùr air a cur air adhart sa Phàrlamaid leis na Làboraich. Tha
mi ‘n dòchas gum bi i làidir agus gum bi buaidh farsainn aice, ach cha
tug e mòran misneachd dhomh nuair a chuala mi nach robh fios aig neach
sam bith dè tha ‘inbhe thèarainte’ a’ciallachadh. Saoil am bitheadh e
cuideachail nan innseadh Dòmhnall Meek dhaibh? ‘S e sin ‘smuain an latha’
dhuibh. Tha mi dìreach mìllte an-seo, a charaidean – bu chòir dhomh a
bhith sgrìobhadh son televangelists anns na Stàitean Aonaichte.
B’urrainn dhomhsa tighinn a-mach le tòrr sgudail nach robh mi idir a’
ciallachadh, ach feumaidh mi aideachadh nach bithinn idir math air
caoineadh air an adhar nuair a fhuair daoine a-mach gun robh mi ris na
breugan.
Bidh mi air ais an ath mhìos le rudan
inntinneach bho shaoghal na Gàidhlig. Uill bidh mi air ais co-dhiù.