Fàilte oirbh, a leughadairean chòir. Feumaidh mi
aideachadh gun do thog mi sin bho rud eigin a leugh mi sa Bheurla, ach
nach e tha fuaimneachadh math! Tha mi dìreach an dòchas gum bi cuid
eigin a’ leughadh seo – ‘s e bhur roghainn fèin ma bhios sibh còir!
Chan eil mi crìochnaichte leis a’ chuspair a bh’ agam
o chionn goirid, nuair a bha mi gearran mun Commission for Racial
Equality. Agus an rud a th’ agam air a’ mhìos seo airson bhur
toileachadh, ‘s e sin a bhith a’ toirt sùil air a’ cheangal eadar
Gàidhlig Albannach agus Gaeilge Eireannach. Nuair a thàinig na Gàidheil
an-seo thug iad Seann Ghaeilge (no ‘Old Irish’ ) leò. Tro na lìnntean
dh’fhàs seo a bhith ‘Middle Irish’, ach an dèidh don rud
mi-fhortanach a thachair ann an Ile ann an 1493,
nuair a bha beagan trioblaid againn leis an Rìgh Seumas IV, thòisich
sgaradh a’ fàs. Tha mi fhathast den bheachd gun robh Seumas rud beag
cruaidh air Rìghrean (no ‘Tighearnan’) nan Eilean. Tha sinn fiadhaich
dèidheil air spòrs san eilean agam – nach smaoineachadh sibh gun deanadh
e gàire? Ach an àite sin, thug e an Tighearnas air falbh. Droch sense of
humour.
Ged a tha iad nan cànain eadar-dhealaichte san là an-diugh,
tha tòrr fhathast a ghabhadh tuigsinn gun eòlas air Gaeilge. Mu
eisimpleir, faclan co-cheangailte le ùine: madainn, feasgar, oidhche,
latha / là. Gaeilge – maidin, lar nóin, oíche, lá; agus an-diugh, an-dè,
a-màireach - inniu, inné, amárach (dìreach smaoinichibh air mar a bhios
iad a’bruidhinn ann an Leòdhas!)
Nuair a bhios sibh ag innse dè ‘n uair a tha e ( no
‘Cén t’am é?’), aithnicheadh sibh na h-àireamhan – aon, dó, trí, ceathar,
cúig, sé, seacht, ocht, naoi, deich; agus na faclan, nóiméad, uair. B’
urrainn dhuinn tomhas a dheanamh le ‘Tá sé a sé uair deich nóiméad’ agus
‘Tá sé deich nóiméad chun a sé’ ( Tha e deich mionaidean an dèidh sia,
Tha e deich mionaidean gu sia.) Tha làithean na seachdaine coltach ri
chèile, le litreachadh eadar-dhealaichte. Ged a tha beàrn ann leis na
ceistean, tuigidh sinn ‘Cé, Cá, Cén fath, Cé mhéad, Córb as’ (Cò, Càit,
Carson, Cia mheud, Cò as). Agus ann an Gaillibh bidh iad a’
faighneachd ‘Conas atá tú?’ agus a’ freagairt ‘Tá mé go maith’. Nuair a
thèid iad their iad ‘slàn’, dìreach mar a gheibh sinne ann am mìle òran
Gàidhlig.
Uaireannan bidh na cainntean cho dlùth ‘s gum bi
cunnartan ann. Shaoil mise gun robh mi tuigsinn ‘cuan’ mar ‘fairge mhòr’,
ach tha e a’ ciallachadh ‘cala’ ann an Eirinn. Nach b’ e Aimearaganach a
thuirt gun robh sinn ‘divided by a common tongue’? Ged a tha na
deifearan nas motha na an dòigh anns a bhios tu ag ràdh ‘tomàto’, tha
rud beag fìrinne ann sin.
Cuideachd, tha rudan a bhios iad a’ cleachdadh ann an
Eirinn a bha sinn a’ cleachdadh an-seo o chionn goirid. Bidh na h-Eireannaich
ag ràdh ‘Go raibh maith agat’ airson ‘tapadh leat’. Ann an Ile
theireamaid ‘Gun robh math agad’. Dè tha ‘tapadh’ a’ ciallachadh
co-dhiù? Cha chuala mise riamh e gus an deach mi gu tìr mòr. Tha amharas
agam gun d’ rinn dyslexic suas e. Agus dè mu dhèidhinn na h-àireimhe ‘sè’?
Cha chuala mise ‘sia’ gus an deach mi don Oban, agus ‘s ann bhon t-seann
àireamh a gheibh sinn ‘seasgad’. Ardsgoil an Obain! B’ iad na làithean
ann an Osdal na Creige Airde – ach ‘s e sgeulachd eile a tha sin.
Tha gràmar na Gailige gu math coltach ris a’ ghràmar
againn. Thoiribh a-mach an sèimheachadh agus cleachdaibh barrachd na aon
fhada ann am facal, agus ‘s e Rob bràthair ur màthar, mar a their iad
anns a’ Bheurla. Nuair a dh’fhàsas tu cleachdte ris an fhuaim ‘o’ an
àite ‘a’, tha facal no dhà a thuigeadh sibh cuideachd. Nuair a bha mise
beag bha sinne a’cur ‘e’ ann àite ‘a’, ‘s mar sin chan eil e fiadhaich
doirbh dhomhsa a’ gabhail ris.
Nise, an d’ rinn seo bhur oideachadh? Le àireamhan
nan daoine aig a bheil Gàidhlig air a dhol sìos a-rithist (agus a bheil
seo na ìongnadh do dhuine sam bith le eanchainn?) ‘s dòcha gum bu chòir
dhuinn smaointinn air Eirinn mar àite far am faigh sinn daoine le eòlas
air Gàidhlig. Bhitheadh e nas soirbhe dhaibhsan Gàidhlig a thogail nam
bitheadh Gaeilige aca cheana, agus tha droch fheum againn air tidsearan.
Tha mi dìreach ag ràdh.